Skip to main content

‹‹‹ prev (114)

(116) next ›››

(115)
Fo luchd adichean dubha,
Mo sgeul dubhach gur fior e : —
'Righ, nach robh iad 'sa Chaillich
Fo ard chaithrim an lionidh.
Gu bheil seanduine corrach
'N cois na h-oirthir mu thuath oirnn ;
'S gur ro choimheach a ghabhadh
'N uair 'bhios ardan mu 'n cuairt air.
'S truagh nach facas Diuc Uillam
'S na bha 'chruinneeachadh sluaigh aig',
Air an tilgeadh mu 'chasan
Ann am braisead a bhuaireis.
Gu bheil baintighearn' mhor, straicail,
'Gabhail taimh mu na criochan s';
Tha i dionach na fearann,
Is cha chairich an righ i.
'S truagh nach facas fir Shasinn
Air an glacadh le innleachd,
'S iad a faodinn an duaise
Bho 'laimh chruaidh-se gu cinnteach.
Seal mun danic Righ Raibeart
Bha i socrach 'na h-aite,
Cha do thogadh riamh cisean
No diol aison mail d' i.
'Nuair a dh' eireadh a corrich
Gum bu choimheach a gairich.
Bu chuis eagil is uamh-chrith
Tigh 'nn an uair sin 'na lathir.
Tha mo chridhe air a shracadh
Mar shean phaipair a f hliuchteadh ;
No mar f hiadh air an f hasach
Ann san traighteadh gach cuisle,
Leis an naidheachd so 'f huair mi,
'S i cho luath ri each trupa,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence