Skip to main content

‹‹‹ prev (113)

(115) next ›››

(114)
'Ad leine-chneis aig a brathair,
Mar. aisne chnamha nach treigeadh
Chain thu t' oighreachd is t' f hearann,
'S thug thu thairis gu leir iad,
Airson seasamh gu rioghail,
'S rinn do shinnsireachd fein sud.
Tha mo chion air an f hior-f hull,
Seobhag rioghail na h-ealtinn,
Agus cuilain an leoghinn,
'S og a dh' f hoghluim a ghaisge ;
Ursann-chath' thu roimh mhilltean
'N am dol 'sios ann am baiteal ;
'S urr' a shuidheachadh blair thu,
Ged 'bhiodh each ann an gealtachd.
'Chraobh a 's airde 'san doir' thu,
No an coille nan Gaidheal,
Sgiath ro laidir gun ghiorag
Thu aig slinnein Phrionns' Tearlach.
Bu tu iuchir an f huasglidh,
'Nuair 'bu chruaidh, no bu chas e ;
Meud do ghliocis 's do cheille
Bheireadh reidh as gach ait thu.
Dh' f hairich latha Chuil-f hodir
Gum bu dosgach na Gaidheil,
'S gun robh thus' ann an Sasunn,
Air do ghlacadh le d' namhid.
Nan do thachir gun d' f haod thu
'Bhi le d' dhaoine sa bhlar ud,
Cha bhiodh Dearganieh Shasinn
'Dol slan dhaehidh gu 'n aite.
Tha do chaistealan geala
Is do thallachan prisail,
Far 'm biodh ol agus aighear
Aig luchd-caithimh an f hiona,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence