Skip to main content

‹‹‹ prev (74)

(76) next ›››

(75)
64
De shliochd Shimain an Eirinn,
Bho Ghaidheal Glas gleusta
'Choisinn cliu aim an Eiphait an oir.
B' fhada cuimhn' air bhur seanacha.s,
'Shliochd nan curidhnean c dnia,
Ge I a rinneadh le ainneart bhur leoii.
A Shir Iain, mo thruaighe,
'S tu tha ormsa mar chruaidh chas;
S goirt a bhuille so 'fhuair thu gu h-og.
Chaill thu seilbh air do dhuthich,
'Chionn bhi seasamh le durachd;
'S be bhi rioghail a chiurr thu gu borb.
Is beag solais do chairdibh
Ge b' e rioghachd 'san tamh thu,
Ann san Fhraing no 'san Spainn no 'n tir
Phoil.
'S mairg a chailleadh a dhaoine
Le a righ no na aobhar
Is gun fhios gu de 'n taobh thig an
stoirm^
Cha b' e spionnadh na pairtidh,
Cha b'e'n lann no lamh laidir
Thug am ball dhaibh fo shailibh am brog.
Gur h-e 'n Righ 'tha 's na neabhan
A ni iseal no ard neach,
'Thug a chuibhle so 'n drast mu 'n cuairt
'N uair a bha i a tionndadh,
'S i 'cur char gu ro-iomluath,
Thilg i sinne fo 'h-iomlibh san Ion.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence