Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
63
Ach biodh cuimhn' air Sir Eachann,
Thuit le cruaclal 's le tapadh
'N lonarcheitein 'sua chasgradh na sloigh :
Agus fos air Sir Lachinn,
A bha rioghail, ro bheachdail,
Bu mhath giiionih 's bu mhor feachd aig
Montros;
Is air Eachann nan dian chath,
'Rinn a chorp mar sgeith dhidinn
'Choimhead pearsa a righe bho leoin.
Ann san tung tlia Righ Tearlach,
Agus Seumas a bhrathair,
S chan e 'n sliochd no 'n luchd-pairt 'tha
'nan lorg.
'S olc a choir a th' t)ig Uillam
Bho Olaind nan currachd,
Air comhnadh bho dhuine d' ur seors'.
B' fhad o 'cheil' an da larich
'S an robh esan is iadsan,
'S mo bhur caoimh ris a Phap 'tha 'san
Roimh.
Cha b' ann idir d' a fhinnsribh
'Bha sinn 'dearbhadh ar gniomha
Ach do theaghlach nan righrean a dli'
fhalbh.
Gur h-e bhuineadh do dh-Alba
'Chathir rioghail aic earbsa
Ri fear de shliochd Fhearghuis nan corn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence