Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
'N drasd mar aisling
A bha 'n cadal
Tha na bh' aginn ;
Gun d'tharladh fad' air falbh e.
Maghan farsuinn
'Bu shar ghasd aitreabh.
Gun dion, gun f hasgath,
Gun sparr, gun at, gun chomhla ;
Gun cheol pioba,
Gun ol fiona ;
Cor an gniomha,
'S leoir dhomh 'mhiad de dhorinn ;
'Chuirt 'n do chleachd mi
'N tus bhi 'faicinn
Muirn is niacnis,
Gun smuid deatach sheombar ;
'N luchirt laghach
'M bu dluth tathich,
Cuirt Mhic-Gilleain,
Cuis gun aighear dhomh-s' e ;
'N t-aite 'm faighteadh
Baigh is pailteas,
'S gradh ga sgapadh,
Gu narach, taitneach, ordail ;
Gach ni 'b' aill leat,
Dinneir aridh
Gun sion dalach,
'S bu chinnt do 'n daibhear comhdach.
Am preas cubhridh
'Bu deas cumhdach
Gun chleas umbidh,
Maiseach, ubhlach, boidheach ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence