Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
Is caoin fo 'gun a seang chorpan,
'S i 's maoile glun is calbannan ;
Troigh chuimir bheag gun gharacalachd
Nach saltir garbh air feur.
Chaidh cliu na te s' a Albinn uainn,
Aig glainead bheus 's aig leanabanachd ;
Cha d'f han e ann sa Ghearmailte,
Gun dol gu dearbh do 'n Ghreig.
O, b' f hearr gur mis' a bhuadhicheadh
Minfhail le 'n cuirteadh cruaidh shnaim ort;
Cha b' f hear gun agh 'san uair sin mi,
Nuair bhuannichinn thu-fein.
Ach 's cruaidh an cas ma 's fuatharachd
A gheibh mi 'n aite truacantachd ;
Gum b' f hearr dhomh mur a buannich mi
A bhi san uaigh a pein.
Co 'chuala riamh no 'chunnic e,
No 'f huair 'san nadar duine-sa,
Gach uaisl' 'tha 'm Babi Fularton
An cruinneachadh 'na ere ?
Ge b' e do thoil-sa diultadh rium
Cha n-onair dhomh bhi diubhaltach ;
Mo shoridh gu Ian durachdach
Do d' bhroilleach cubhridh fein.
ORAN
Le Anndra Mac-an-Easbig 'nuair a reic e an
Cnoc Morairneach, a dh' f heum e f hagail a chionn
's gun robh na Camaranich a goid a chuid cruidh
is each, agus nach d' f hag iad ni aige.
Bhuam-s' tha 'n raitinn
Ri tuar m' f haillinn,
'S buan dhomh amhghar,
'S fiiar tha m' aite comhnidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence