Skip to main content

‹‹‹ prev (352)

(354) next ›››

(353)
Gur suidhichte, ge beo ihu,
Gur seadhail, blasd', do chomhradh,
(iur h-uasal air gach doigh thu,
Gur h-oirdheirc do cheanaltachd.
Gun dug mi urrad ghraidh dhuit,
'S thug lonatan do Dhaibhidh,
'S a reir an iomraidh 'dh 'f hagadh,
Gun d' ghradhaich e mar anam e.
Patrick Black lived in Marshey Hope, in Pictou County,
N. S. He was a fair scholar, and a good singer. The
greater part of the song has been lost.
CUMHA NAM MAC.
LE IAIN MAC-GILLEBHRATH, AM PIOBAIRE.
'Chaoidh cha tog mi guth eibhinn,
Chan f heil spei.s leam de cheol ;
\S ann a lasaich mo theudan
Chaidh mo ghleusan thar seol'.
Thromaich smal air mo reusan,
Tha mo leirsinn fo cheo ;
'S cha dig aiteal na greine
'Thogail m' eislean ri m' bheo.
Mi mar chomhachaic bhronaich,
'S e l)hi 'm onar mo nihiann ;
Mi mar eal' air a leonadh,
'S i gun seol air a dion ;
Mi mar chalman 'san achadh,
'N deidh a ghlacadh 'san lion ;
'S mi guth tursach na lacha,
'S each a creachadh a h-ian.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence