Skip to main content

‹‹‹ prev (351)

(353) next ›››

(352)
340
Ge math sin am fiarach cha dean e dhomh stath,
Cha chum e mo chuideachd ach 's cuideachadh e ;
B' f hearr tacan a ruamhar an ckianaig no dha,
'S nam faoduinn a threabhadh 'se gnothach a b'
f hearr.
'N t-each dubh a bh' aig CaHum bu cheanalt' an
eill,
'S an capull aig Domhnall 's i coir as a dheidh ;
'N t-each buidhe 'bh' aig Ruari b' e guallann an
f heum';
Chan iarradh e 'bhualadh 's bu luaineach a cheum.
Bu mhath a bha mise mur bhi an t-each ruadh
Aig Ruari Mac-Dhomhnaill, b' e 'choir a chur
bhuam ;
Ged theid mi do Scairinnis 'thoirt cainb as an nuas,
Cha chum mo chuid chabull ri sas an eich ruaidh.
ORAN DO CHIORSTAIDH NIC-
GILLEAIN.
LE PATRIC MAC-CILLEDHUIBH.
LUINNEAG.
Ho ro, hi ri, riu u o,
Ho ro, hi ri, riu u o,
Ho ro, hi ri, riu u o,
Mo dhurachd do 'n ainnire.
Gur boidhche leam a dh' f has thu
Na 'n lili ann san f hasach.
Do ghruaidh mar ros 'sa gharradh,
'S do bhraighe mar eala ghil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence