Skip to main content

‹‹‹ prev (197)

(199) next ›››

(198)
182
Gur a tri'c a fhuair thu urrain
Eadar Muile agus an tir so.
Le d' shar-mhisnich 's le d' dhea^h nadur
Gheibh thu cliu 's srach ait am bi thu;
Ged a rinn thu 'n rioghachd fhagail
Thill thu sabhailt', 's math leaui fhiu sin.
Tha thu 'nis a'd' sgiobair bata
Ciiuiteach anns gach aite 's eolach,
'S cmnteach gur leat gaol gach duine
'Cbunnaic thu no 'chuir 'ort eolas.
Tha thu seirct'il, caoimhneil, baighei],
Marchleachd thu an laithibh t'oige;
Deas lanih a stiuradh a' bhata
Am bog-bhairlinn '^ am barr croice.
'S ann agad tha 'm bata ciiuiteach,
An atm chuis chu d' fhuair i tamailt,
'S gur tu fhein an t-()i^ear dileas
'Chur gu tinealt' rithe 'h-asaig;
A siuil chaola 'sa buill fhallain
'S tu 'g an teannachadh le d' lanihan;
'N uair' ghlacadh tu 'n ailm a' d' achlais
'S i gu'm inaslaicheadh gach bata.
Mhaslaicheadh i iad gu buileach;
Bii chlis ullamh i 'n a gluasad;
Airson gu 'm falbhadh i direach
Cha 'n fheil ann ach gniomh 'tha suai-ach.
'N uair 't bean has tu air a ghaoith leath'
'S coimh-dheas leath' a taobh na'gualann;
'S mi bhiodh cinnteach as a toiseach
Ged bhiodh ochdnar an taobh shuas dhi.
Bho 'n a fhuair i 'n t-oigear ciiuiteach
Air a h-urlar, lamh a' chruadail,
A chumas a ceann ri gabhadh
'S iomadh aite 's a bheil buaidh oirr'.
Cha 'n fheil rochd no sgeir no bogha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence