Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
1840.] Comhradfi. \\
a' phiobaire; chu teid thu mach a noclid gus am fcuch thu h-aou
diubh le bainne nan g-abhar — dhomhsa do bhoincld.
Fionnla. — A Mhairi thuirt thu gu math, thoir thusa suil ceana
elle'n tighe, tilg boitean am buaidheal a' mhairt cheanainn 's faic a'
bhell an t-ag-h ruadh samhach ; cha robh nasg riamh air 's tha e
rud-eig-inn ceannsgalaeh. A nis a PharuiGC tha duilgheadas orm,
cha bu mhaith learn focal a radh chuireadh trioblaid ort, ach da
rireamli 's i 'n dubh eiginn a chuireadh air imrich do dhuthaich.
chein mi.
Paruig. — Co tha 'cur a t'aghaidh? ach nach aidicli thu gu 'n
d' thainig an eiginn? mur d' thainig cha tig, nach 'eil an diithaicli
air dol 'ionnsuidh na dubh-bhocliduinn ; na h-uile ni 'dol air ais,
nach 'eil an t-sid fein air atharrachadli? cha chreid mi nach e toil
an Fhreadsdail sinn g'a fagail, nach d'thainig plaigh air a' bhuntata
tV'in, cha chinn lus no barr mar ab'-abhaist da; cha 'n urraiim sinn
a' mhoine fein a chaoineachadh; nach d' fhag an sgadan ar clad-
aichean? nach 'eil gort' agus ganntar an deigh feoil dhaoine bochda
chnamh? Nach robh na miltean a' tighin suas air min-bhain na
deirce o chionn bliadhna no dha? jMur biodh Dia air a cur 'nar
rathad ciod a dh' eireadh dhuinn? An teid gaoir nam paisdeanas
mo chluais fhad's tha 'n deo annum? Nach do chuir mi foid '3
gach uinneig a ghlasadh a mach an latha mun diiisgeadh na pais-
dean? Am faca tu mnathan truagha gun chais 'eart gun chorahdacli
'nan cruban taobli craige 'feitheamh traghadh na mara gus an.
ruigeadh iad air a 'mhaorach, na paisdean a' cruinneacha' nam.
bioran agus an fhraoich, a' choille-chonnaidh fein air a toii'tuaiun?
Nacli d'thugadli o'n bhathaich ud thall an t-aona mhart, 's na
tlilleachdain a' glaodhaich 'na deigh? C'aite bheil mo bhaidns
chaorach 's mo chuid gabhar fein? Cha 'n eil mise 'coireachadh
neach air bith b'e 'n cuid fein a bh' ann, cha d'rinn iad ach ceartas
ach O! tha 'n ceai'tas air uairibh cuaidh; ach c'arson tha mi
'gearani cha robh coir agam air iochd.
Fionnla Cha robh; cha 'n iochd e far a' bheil coir; ma tha
eoir againn air iochd 's cearta.s a' choir sin a sheasamh ; ach mur
dubhairt thus' e 's cruaidh an ril air uairibh ceartas. Ma bhuineas
an Ti a's airde ruinn do reir coir a' cheartais co'sheasas 'nuair thig
a' bhairlinn fa dheireadh ? Ach a Pharnig, ged tha na thubhairt
thu fior, 's ann agam tha fios, gidheadh c6 's urrainn innse na
deuchainnean goirt agus an truaighe tha daoine 'fulang ann an
duthchanna fad' as? Js beag tha fios agad na tha romhad, aon ni
cha tig an duthaich bin riutsa gu dilinn cho math ris an te a dk'
fhag thu; gabhaidh am por og ri fearann coimheach, agus fasaidli
am fiuran maoth far an cuirear e, ach thusa no mise 'Pharuig dia ^,
fhreagair e dhuinne, agus da rireamh cha 'n fhiach e an t-saothpijP^' '
dol thar chuantan air toir dachaidh; cha 'n eil an t-ara fad'^^'^nnS
an uidlieamaichear tigh caol cumhann duinn 'nar ' d^ui^jIkSrch fein.
Nuair a smaointicheas tus' air an turus-cuain a .t^'.'^omha'l, at na
fairrge, uamhas na doininn, tuineachadh ann |,ti:-cbiilidh f liarsuiug,
far nach f haic thu ach na speuran as do cfeeann agus an talamh io

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence