Skip to main content

‹‹‹ prev (218)

(220) next ›››

(219)
DIl'ORAIN THAGHTA GHAIDHEALACH.
Do bheul mar an t-sirist,
'S e milis ri pliògadh,
Cho dearg ri bhermillian,
Mar bhileagan ròsan :
Gu'n d'rinn tliu mo mhilleadh,
Le d' Chupid d'am bhioradh,
'S le d' shaighdan caol, biorach,
A rinn ciorram fa ra' chòta.
Tha mi lan niulaid,
O'n chunnaig mi Mòrag,
Cho trom ri clach-mhuilinn,
Air lunnan d'a seòladh :
Mac-samhail na cruinneig,
Cha'n eil anns a chruinne ;
Mo chri air a ghuin leat,
O'n chunna' mi t-òr-chul
Na shLamagan bachallach ;
Casarlach, còrnach;
Gu faineagach, cleachdagach,
Dreach-hibach, gh'^rmhor;
Na reullagan cearclach ;
Mar usgraichean dreachmhor,
Le fudar san fhasan
Grian-lasda, ciabh òr-bhuidh.
Do shlios mar an canach ;
Mar chaineal do phògan;
Ri Pheonix cho aineamh;
'S glan lainnir do chòta :
Gu muirninneach banail,
Gun àrdan gun stannart;
'S i corr ann an ceanal,
Gun ainnis gun fliotus.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence