Skip to main content

‹‹‹ prev (217)

(219) next ›››

(218)
206 COMHCHRUINNEACHA DO
Ard foinnidh na d' gliallan,
Gun bliaileart, gun mhòr-chuis;
Tha thu coimhliont' na d' bhallabh,
Gu h-innsgineach athlamh;
Caoin, meachair, farasd,
Gun fharum, gun ròj)al.
URLAR.
B'f hearr gu bithinn sgaoilt'
As na cordamhsa,
Thug mi tuille gaoil,
A's bu choir dhomh dhut;
Gu'n tig fa dhuine taom,
Gu droch ghniomh bhios claon,
Cuireadh e cruaidh-shnuim
Air o'n ghòraich sin :
Ach thug i so mo chiall,
Uile bhuam gu trian;
Cha'n f haca mi riamh
Siunnailt Mòraig-sa,
Ghoid i bhuam mo chri,
'S shlad i bhuam mo chli,
'S cuiridh i 'san chill,
Fo na fòdaibh mi.
SIUBHAL.
Mo cheist agus m' ullaidh,
De'n chunnaic mi d' sheòrs thu,
Le d' bhroilleach geal-thuraid,
Nam mullaichean bòidheach ;
Cha'n f haigh mi de dh'f huras,
Na ni mionaid uat fuireach,
Ge d' tha buarach na dunach
D'am chumail o d' phòsadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence