Skip to main content

‹‹‹ prev (491)

(493) next ›››

(492)
472 ORAIN
THA DURACHD MO CHRIDHE DHUIT.
Tha dùrachd mo chridhe dhuit
Seach nighean tha fo 'n ghrèin,
Ciod e'n t-àite 'm bitheadh tu
Nach bithinn ort an dèigh?
Gur binne leam do chòmhradh,
Na 'n smeòrach air a' ghèig,
Gu 'm b'aite leam bhi d' phògadh
An seòmar leinn fèin.
Thèid mi dh' lonarneis !
Seachdainn 'o maireach;
Thèid mi ann gun amharus,
Gu faidhir na Fèill-Andrais;
Bidh leann aii' na tulaichean
A's tunnachan glè làn deth,
'S gu dearbh ged chosd e'n t-òr dhomh,
Gu'n òl mi do dheoch-slàinte,
Chunnaic mi Di-dòmhnuich
An rìbhinn òg 's an t-searmoin,
Ga 'm maith ga 'n tig na brògan
Le'm feòirneitiibh airgid;
'S ioma fleasgach bòidheach
A's ògan deas meamnach,
Tha 'n làn dòigh ri d' phòsadh
'S nach gabhadh òr an geall ort.
Tha corp is gìl' nan eala ort,
A' snàmh air bharraibh thonn,
'S cùbhraidh leam blas d' analach,
Na caineal a's e donn ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence