Skip to main content

‹‹‹ prev (490)

(492) next ›››

(491)
GHAIDHEALACH. 471
FASACHADH NA GAIDHEALTACHD.
Le Aokghas Mac Eacharn, Glaschu.
AiR FoNN. — ^'Muile nam mor-bheann."
Cha mhacnas no gàir', tha 'n dràsd aii' m' aire,
Gu'n iarruinn mo chlàrsach 'thàr am fagus,
Cha chluinnear mo dhàn am fàrdaich aighear
'S mi 'n dràsd gun chaidreamh sòlais.
Marbh'aisg air 'an làmh chuir sgànradh fada,
Thar monaidh a's sàil f o shàir nam beannaibh ;
Bu shona mo là an gràdh nan gallan,
Nach fàntich carrant' ni's mò mi.
Fhuair mi na làraich fàsail, falamh, —
An àiridh 's am b' àbhaist tàmh a ghabhail
Gun sealgair, gun bhàrd, gun^nàmh a bhradain, —
B'e fàth làn-aighear 'bhi còmhl' riu.
'S na doireachan dlùth 'n robh sùgradh 's aigheai',
Cha'n fhaicear le sùil ach cùirt nan tighean,
Gun eilid air stuchd, a's, — crùnadh m' aù-sneil, —
Luchd-ciùil nam beannaibh air fògar.
Gach sruthan a's allt' 's a' cheann le bruthach, —
Gach tulaich, gach meall, 's gach gleann a' tuireadh,
Tha còisir nan crann gun rann, gun luinneag,
Bho'n chaill iad buidheann nan òran.
Ach 's èigin dhomh triall, tha 'ghrian a' luidhe,
'S a' g' èiiidh 's an iarmaUt fiamh na gaillionn',
Tha smaointean ro chianail 'lionadh m' aigne
'S mi 'm bliadhn' gun charaid 'ni m' fheòraich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence