Skip to main content

‹‹‹ prev (469)

(471) next ›››

(470)
450 ORAIN
Ach 's e dh'fhàg mi brùite
'N ainnir a chuir cùl rium ;
'N dèigh na rinn i 'shùgradh
'S tùrsach tha mo chrìdh*.
'S fheudar, &c.
OR AN,
Do'n Urramach Alasdair Stiubhard,
'Am Bun-Lochabar.
Le. F. D. Mac Donell.
O ! mosglam-se le sunnd a's càil
A's deachdar dàn gu buadhach leam,
Do'n Fhìr-eun uasal, fhoinnidh, fhial,
Is pailte cial a's buadhannan,
Tha 'm Bun-Lochabar nan damh donn,
'S nam mac 's nan sonn clis, fuasgailte,
Dheth 'n aitim rìoghail sheasmhach, dhàn',
Bha sgaiteach, dàicheil, cruadalach.
'S tu 'fiùran fearail, 's athail gnùis,
A's teinne lùgh, 's a's anamanta,
A's guirme sùil, 's a's deirge gruaidh,
'S tu fallain snuadhmhor, geala-mhaiseach ;
O shàil do bhuinn gu gruaig do chinn,
Gur cuimir, grinn, deas, dealbhach thu,
'S na 'm faighte gairm a dhìon a' chrùin,
Bu ghlan air thùs na h-armailt thu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence