Skip to main content

‹‹‹ prev (468)

(470) next ›››

(469)
GHAIDUEALAQH. 449
'S muladacli a ta mi,
Mach ri Dail na Ceàrdaicli,
'S gun a ghruagach làmh rium,
Gaol a's gràdh mo chrìdh'.
'S fheudar, &c.
'S i mo ghaol an ainnir
'S deise thèid 'na h-anart
'S ioma Diùc a's Baran
'Dh'fharraideas cò ì.
'S fheudar, <kc.
'S i mo ghaol an dèideag
'S deise thèid 'na h-èididh;
'S coltach ri deò-ghrèin i
'Nuair a dh-èireas ì.
'S fheudar, &c.
'S ann oi-t a tha 'n cul-snìomhain
Nach feum cìr g'a chìreadh,
'S e mar theudan sìoda
SÌ03 mu chul do chinn.
'S fheudar, &c.
Tha 'n t-urram dhuit air dannsa
Anns gach còisir ghreannar; —
'8 mòr a thug mi gheall duit
Ged a mheall thu mi.
'S fheudar, &c.
'S muladach a ta mi
Dhol a stigh do 'n bhàta,
'Dol a null thar sàile —
'S gu là bhràth cha till.
'S fheudar, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence