Skip to main content

‹‹‹ prev (441)

(443) next ›››

(442)
422 ORAIN
Tha aodann nan slèibhtean
A' deàrrsadh gu ceutach ;
'S na lusana peucach
Ag èirigh le buaidh.
Hug, &c.
Tha Samhradh an òr-chuil
A' riaghladh le mòr-chuis,
'S an saoghal ri sòlas
Gu'n d' fhògair e 'm fuachd.
Hug, &c.
Na h-eòin 's iad ri coireal
Feadh ghrianan na coille,
'S na sòbhraichean soilleir
'Cur loinn' air gach bruaich.
Hug, &c.
Tha 'ghrian feadh nan glacagan
Gormanach, fasgach,
'S gu'm b'aoibhinn bhi leat-sa,
A' dearc' air an snuadh !
Hug, &c.
'S do shnuadh fèin cho greannmhor
Ri gàire an t- Samhraidh
Feadh fhlùran a' dannsadh
'S na gleannta mu 'n cuairt !
Hug, &c.
O ! tiugainn, a leannain,
Do choille nam meangan,
'S gu'n ùraich sinn gealladh
'Bhi tairis gu buan.
Hug, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence