Skip to main content

‹‹‹ prev (437)

(439) next ›››

(438)
ORAIN
Cha 'n fhacas air talamh leam sealladh is bòidhch'
Na 'ghrian a' dol sìos air taobh siar Eilean Lehghaig ;
'N crodh-laoidh anns an luachair, 's am buachaiJl' 'n on tòir,
'G an tional gu àiridh le àl de laoidh òg'.
Air feasgar a' gheamhraidh thèid tionndadh gu gnìomh
Ri toirt eòlais do chloinn bidh gach seann duine liath ;
Gach iasgair le 'shnàthaid ri càradh a lìon,
Gach nighean ri càrdadli 's a màthair ri snìomh.
B'e mo rahiaiìn blii 's na badan 's 'na chleachd mi bhi òg,
Ri dìreadh nan cieag anns an neadaich na h-e?)in ;
O'n thàinig nii 'Ghlaschu tha m' aigneadh fo bhròn,
'S mi 'call mo cluiid claistneachd le glagi'ich nan òrd.
A N C M U N N.
An raor chunnaic mi 'm bruadar,
Rìbhinn shuairce 'bhi 'm chòLr;
Beul meachar, gun ghruaman,
O'n suaii'ce 'thig glòir :
'Nuaii- 'dh'èirich mi m' shuidhe
Los ruigsinn air pòig,
Cha b' fhasa dhomh faotainn
Na reult as na neòil.
Seisd. — Chaidh an comunn, an comunn,
Chaidh an comunn air chùl;
Dhealaich comunn ri 'chèile,
'S deanaibh fèin d'e sgeul ur;
nach robh mi cho gleusta
'S gun tugainn beum air do chùl,
Sgaoil an comunn o chèile,
'S thug e deur air mo shùil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence