Skip to main content

‹‹‹ prev (436)

(438) next ›››

(437)
GHAIDHEALACH. 417
EILEAN AN FHRAOICH.
Le Murachadh MacLeòid.
Tha Leòghas l)heag riabhach, — bha i riamh 's an Taobh Tuath, —
Muir tràghaidh a's lìonaidh 'g a h-iadhadh mu 'n cuairt;
'N uair a dheàrrsas a' ghrian oirr' le riaghladh o shuas
Bheir i fàs air gach sìol air son biadh dha' 'n t-sluagh.
FoNN. — A chiall nach mise 'bha 'n Eilean an Fhraoich !
Xam fiadh, nam bradan, nam feadag, 's nan naosg!
Nan lochan, nan òban, nan òsan 's nan caol —
Eilean innis nam bò, 's àite-còmhnuidh nan laoch !
Ai! t-Eilean ro mhaiseach, gur pailt ann am biadh;
'kS e Eilean a's àillt' air 'n do dheàlraich a' ghrian;
'S e Eilean mo ghràidh-s' e, bha 'Ghàidhlig ann riamh ;
'S cha 'n fhalbh i gu bràth gus an tràigh an Cuan Siar!
'N àm èiiidh na grèiiie air a shlèibhtibh bidh ceò,
Bidh 'bhanarach ghuanach 's a' bhuarach 'n a dòm,
Ri gabhail a duanaig 's i 'g uallach nam bò,
'S mac-talla nan creag ri toirt freagairt d' a ceòl.
Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach sprèidh ;
Bidh 'chuthag a's fonn oirr' ri òran di fèin;
Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air gèig,
'S air cnuic ghlas a's leòidean uain òga ri leum.
Gach duine 'bha riamh ann bha ciatamh ac' dha,
Gach ainmhidh air sliabh ann, cha 'n iarr às gu bràth ;
Gach eun 'thèid air sgiath ann bu mhiann leis ann tàmh ;
'S bu mhiann le gach iasg a bhi 'cliathadh ri 'thràigh.
Na'm faighinn mo dhùrachd 's e 'lùiginn bhi òg,
'S gun ghnothach aig aois rium fhad 's a dh' fhaodainn bhi beò;
Bhi 'n am bhuachaill' air àiridh fo shàil nam beann mòr'
Far am faishinn an càis' 's bainne blàth air son òil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence