Skip to main content

‹‹‹ prev (423)

(425) next ›››

(424)
ORAIN
'DIREADH A MACH RI BEINN-SHIANTA.
LeIS AN LiGHICHE MaC LaCHAINN, NACH MAIPvEANN.
AiR FoNN. — ^'■0! ho na daoine truagha."
'Dìreadh a macli ri Beiiin-Shianta,
Gur cianail tha mo smuaintean.
A' faicinn na beinne 'n a fàsach,
'S i gun àiteach air a' h-uachdar,
'Sealltuinn a sìos thar a' bhealaich
'S ann agam-sa tha 'n sealladh fuaraidh.
'S lionmhor bothan bochd gun àird air,
Aù- gach taobh 'n an làraich uaine.
Agus fàrdach 'tha gun mhullach,
A's na thulaich aig an fhuaran.
Far an robh 'n teine 's na pàisdean,
'S ann is àirde dh' fhàs an luachair.
Ear an cruinnicheadh na h-àrmviinn
Feuch a' chaora bhàn le 'h-uan ann.
Ach, 'fhir shanntaich 'rinn an droch-bheairt,
Liuthad teaghlach bochd a ghluais thu !
'S iomadh dìlleachdan 'tha 'n ganntar,
Agus banntrach a tha truagh leat.
An dall, an seann duine, 's an oinid,
'Toiit am mallachd air do bhuaireas.
Smuaintich fèin 'n uair thèid thu null bh' uainn
Mar bheir Eìsh-nan-dùl do bhuaireas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence