Skip to main content

‹‹‹ prev (422)

(424) next ›››

(423)
GIIAIDIIEALACII. 403
A Cliill-òrain na'm pàircean 'sam b'àbhaisd na treuin
A bhi falbli do gliach ceàrna 's an deanamh iad feum,
'S ged is tric anns na bhiir bhiodh na gàbhaidhean geur,
Chuireadh gaisge nan Gàidheal tùr an nàmhaid an rèis.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
'S e mo bheachd nach robh fathasd 's na h-eilcinean 'n iar,
Daoin' uaisle cho barraicht' le foighdinn 's ciall,
Mar uain aig a' bhaile, 's a chath a' bhiodh dian,
Cloinn Nèill nan làmh-dhearg, bha iad ainmail o chian.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Cha tèid agam air innseadh na sgrìobhadh le peann,
Na chuir sios ann an òran gach sòlas a th' ann,
'S on a bha mi na'm phàisd' mi gun tàmh cuir air ainm
Agus bithidh gu bràth fad 's a's Gàidhlig mo chainnt.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Bu mhaith bhi ann daonnan seach taobh Loch-nan-Ceall,
Fo dhubhar nan sliabh gus 'n do liath e mo cheann,
'S nach fhaic mi ach caoirich, na daoin' cha'n 'eil ann,
'O na sgaoileadh a' chuideachd bha 'm Muile nam beann.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
S e chuir mis' ann am Muile fo mhulad 's fo bhròn,
Nach fhaic mi mo chruinneag 's nach toir i dhomh pòg,
'S e nach fhaod mi bhi làmh riut a chràidh mi cho mòv,
'S ged tha Nolluig aig càch, air bheag stàth tlia i dhomhs'.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Ach 'se dh'fheumas mi strìochdadh 's bhi 'sìor chuir air dbigh,
Tha mi cinnteach nach pàigh e bhi fàsgadh nan dòrn,
'S on a tha mi gun bhàta bhiodh sàbhailt le seòl,
Thèid mi null 's an "Dunàra" mar fàilnich mo phòchd'.
Nach bòidheacli a sheallas etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence