Skip to main content

‹‹‹ prev (417)

(419) next ›››

(418)
398 ORAIN
Chi mi Mùile naua beann-mòra,
'S a' Mhoraii'ne bhòidheacli ghleannach.
'S trom mo cheum, etc.
Chi mi Muile nan beann fuara,
Far am bheil mo luaidh a fanachd.
'S trom mo cheum, etc.
'S e chuir mi cho fad' an tòir ort,
Mheud 's a fhuair mi 'd' chòmhradh fallaich.
'S trom mo cheumj etc.
Dh'fhàg thu mi mar nan gun mhàthair,
'S cha 'n 'eil fàth dhomh bhi g'a ghearan.
'S trom mo cheum, etc.
Ach fhir a dh'imicheas thar na gualla,
Giùlain uam-sa mile beannachd.
'S trom mo chevim, etc.
Thoir mo shoiridh thar an t-sàile,
'S dean a fàgail anns na Ceallaibh.
'S trom mo cheum, etc.
'S innis do Mhac-Ille-Mhaoil,
Gu bheil e caochlaideach 'na ghealladh.
'S trom mo cheum, etc.
Mo ghaol fear an leadain shniomhain,
Chaidh thar Rudh'-an-Fhiarain thairis.
'S trom mo cheum, etc.
Gruaidh is deirge na an caoran,
Thàlaidh thu mo ghaol gu daingean.
'S trom mo cheum, etc.
Meur is grinne th'air an sgi'ìobhadh,
Cha 'n ioghnadh mise bhi ga d' leanailt.
'S trom mo cheum, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence