Skip to main content

‹‹‹ prev (416)

(418) next ›››

(417)
GHAIDHEALACH
'IS" uair a sgaoileadh. an comtuiii an deighinn trà-nòin,
'S a shuidheadh gach. buidheann gu subhach mu 'n bhòrd,
Bhiodh seanfhear an tighe, na mnathan, 's a' chlann,
Ag òl air a chèile gun èislean, gun ghreann.
Am sònruicht' de 'n oidhche 'n uaii' i'achadh iad criiinn,
Bu shunndach 's bu chridheil an fhidheal a' seinn ;
Na gi'uagaichean teisteil, 's na fleasgaichean treun,
A' dannsadh gu h-innealt, 's ri mii-eag gun bheud.
Greis roimh dheii-eadh na h-oidhche 'n uair a sguii-eadh a'
chuii'm,
'S a shuidheadh an còmhlan gu stòld' aii' na fuirm,
Gu'm b' èibhinji 'bhi 'g èisdeachd nan èideagan grinn,
'Togail nan luinneag cho milis 's cho binn.
Tha mise 'u so 'm ònrachd ag imeachd troimh 'n ghlearm,
Mo shùil aii' an fhàsach le làraichean lom,
B'e 'n t-ioghnadh na'n cinneadh mo chridhe cho fuar,
'S nach tigeadh a' mhixinntir 'am chuimhne 's an uair.
'S TROM MO CHEUM 'S MI LEAM FHEIN.
Seisd. — 'S trom mo cheum 's mi leam fhèin,
As do dhèigh cha bhi mi fallain;
'S ti'om mo cheum 's mi leam fhèin.
Cha dean mi 'm bruthach so dhìreadh,
'S fhada bh' uam a chì mi sealladh.
'S trom mo cheum, etc.
'S fhada bh' uam a chi mi Diùi-a,
Agus Siùna ghuirm a' bharraich.
'S trom mo cheum, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence