Skip to main content

‹‹‹ prev (209)

(211) next ›››

(210)
190 OEATN
Mar stoirm a marcaclid sìne,
Ri creagan Bhuirg a's Ghrìbuinn,
Bha sliochd nan sonn o Loch-nan-ceall,
Dà thaobh a's ceann Loch-scrìodain.
Deoch-slàinte, etc.
A Mòr-inis nan sàr-laoch,
Cuinnish a's Leth'r Arois,
Sliochd nan dròbhair à Gleann-forsa,
'S cosgaraich o'n t-Sàilein.
Deoch-slàinte, etc.
Gu f ìnealt' mar bu dual dhoibh,
JBha òigridh na Leth-uachdraich,
Bho oighreachd Dhubhaii'd a's Lochbuidhe-
Ceann uidhe nan uaislean,
Deoch-slàinte, etc.
THA MO RUN AIR A' GHILLE.
Tha mo rùn air a' ghille,
'S e mo dhùrachd gu 'n tig thu;
'S mi gu 'n siùbhladh leat am fireach
Fo shile nam fuar-bheann.
Oidhche shamhraidh dhomh 's mi 'm ònar,
Na 'm b' urrainn domh gu 'n deanainn òran,
'S truagh, a rìgh, nach robh mi pòsd'
Air òigear a' chùil dualaich !
Tha mo rùn, etc.
O, gur e mo cheist an t-òigear,
Fear chùil duinn 's an leadain bhòidhich ;
'S mi gu 'n siùbhladh leat thar m' eòlais,
Ged tha 'n còta ruadh ort.
Tha mo rùn, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence