Skip to main content

‹‹‹ prev (208)

(210) next ›››

(209)
GIIAIDHEALACII.
'N uaii' thaom a stigli clo'n lùcliairt,
'N an sreathan claingean, dùmhail,
Na fiùrain clhìleas nach do dhiobair,
Cleachdadh tìr an dùthchais —
Deoch-slàinte, etc.
Aii" ceann gach reang, 'n uair ghluais iad,
Bha 'phiob is rìoghail nuallan —
A chliathlu dhlonach, chruaidh-ghlan, bhinn,
A thogadh dhinn gach smuairein.
Deoch-slàinte, etc.
Na maighdeanan deas, guamach,
Le lì nan beann 'n gruaidhean,
Ki taobh nan gallan ùrail, sgeanail,
Sunndach, smiorail, uasal.
Deoch-slàinte, etc.
An òigridh fhallain, fhuasgailt',
Gun ghaoid, gun ghìomh, gun bhruailein,
Grainne-muIIaich nam flath duineil,
Bho Mhuile nan fuar-bheann.
Deoch-slàinte, etc.
Bha 'n sealladh ud ni b' àillidh,
Na feillean luno 's Bhàcuis;
An còmhlan rùnach, clann mo dhùthcha,
'Danns' air ùrlar clàraidh.
Deoch-slàiiite, etc.
Bha Rosaich ann 'n an ceudan,
Bho'n Liob gu iochdar Chrèithich,
'S o EUeiu I nan garbh-fhear mòra,
'S nam ban bòidheach, beusach.
Deoch-slàùite, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence