Skip to main content

‹‹‹ prev (243)

(245) next ›››

(244)
230 POEMES
'N uair a shuidheas iad air cléith,
Gu'n cluinnt' an éigheach thar na beannaibh.
105 'N uair a sheinneas iad na h-òrain,
Cuiridh iad na h-eòin an crannaibh.
'N uair a theannas iad ri luinneag,
'S binn 'iad na guileag na h-eala.
'S mor as binne fuaim nan nionag
110 Na ceòl pìob'air thùs a' phannail.
Bithidh a turn an làimh gach té dhiubh.
'S bithidh a beul a' seinn na h-ealaidh.
Té ri bùrn, is té ri moine,
Té ag cur seòl air an aingeal.
115 Té 'ga phostadh ann an tuba,
Té 'ga luidreadh, té 'ga ghlanadh.
Dithis 'ga shlacadh gu làidir,
Dithis 'ga fhàsgadh gu gramail.
Ach mu'n cuir iad as an làimh e,
120 'S cinnteach mi gu'm fàs e daingean.
Théid a thiormachadh air bràighe
Gàradh-càil air am bi barran.
Mur tig e 'm ionnsuidh an tàillear,
'S nàr dha e 's gu'n tug sinn bean da.
125 'S ann an sin a théid mo chòmhdach.
Leis a' chlòimh a rinn mi thional.
Gur mise tha gu dubhach
Ri cumha do'n chaora cheann-fhionn.
'S beag an t-ioghnadh dhomh bhi duilich,
130 Mulad a bhi orm is farran.
'N uair a shuidheas mi air tulaich,
'S turraman a bhi air m' aire.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence