Skip to main content

‹‹‹ prev (132) Page 120Page 120

(134) next ››› Page 122Page 122

(133) Page 121 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
121
mi romham a dheanamh, a dh’ionnsaidh Suip-
eir an Tighearna. Cha robh agam co-dhiu
ach beag comhfurtachd a thaobh an dorchadais
agus na marbhanachd a rinn mo chuir tur a
ordugh. Stad mi da latha anns an &ite so, an
deigh do na h-brduighean a dhol seachad,
agus aig an am sin thuirt caraid araid rium gu’n
robh mi tuilleadh a’s saor ann an conaltradh ri
cuid de mhuinntir mu dh6ighinn na rinn an
Tighearn’ do m’ anam. Chur so mi fo eagal
gu’n deanadh neach eigin droch bhuil de na
thubhairt mi, agus mheudaich e dosgainn
m’inntinn air dbigh is gu’m bu ghann a choisich
mi dhachaigh.
Thbisich Satan a rithist air mo bhualadh
le buairidhean uabhasach agus thubhairt e.
“ Thug thu leithid de leoin do’n diadhachd
's nach urrainn thu gu brath a leigheas, mar a’s
faide bhios tu beb is ann is mb mheudaicheas
do thrioblaid agus do thruaighe, agus co a’s
urrainn leithid na beatha thruim a’ thagad a
nis’ a’ ghiulan ?” agus uime sin gu’n deanainn
gu math le mo thrioblaid a ghiorrachadh le
lamh a’ chuir ann am bheatha fi£*in. Dh’fheuch
e mi leis a bhuaireadh so air mile dbigh; agus
fa-dhebigh b’aill leis mo cho-eigneachadh gu mi
fein a thilgeadh air ball anns a’ cheud toll uisge
thachradh rium. An sin, ghlaodh mi ris an
Tighearna an namhaid a chronachadh, gu’n
robh mo neart ga’m fhagail agus nach robh mi
ni b’fhaide comasach cur’na aghaidh. Chuala
u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence