Skip to main content

‹‹‹ prev (133) Page 121Page 121

(135) next ››› Page 123Page 123

(134) Page 122 -
122
BEATHA AGC8 IOMPACHADH
an Tighearna mi, agus thug e beagan clos do’m
inntinn leis na smaointean so. Se sin, nach robh
e riabh am run ceann-fath a thoirt seadhad
gu ole a labhairt ma shligheachan-sa le ni sam
bith a thubhairt mi: thainig an earrann so de’n
sgriobtur mar an ceudna gu’m chuimhne,—
“ D’an taobhsan gu deimhin tha e a’ faotainn
toibheum ach do’r taobhsa tha e air a ghlbrach-
adh.” An deigh dhomh tighinn dachaigh
fhuair mi nan nithe so a theagasg dhomh o’n
bhuaireadh ud:—
Anns a’ cheud dite. Chunnaic mi gu’n d’ 6irich
mo thrioblaid o’m chogais a bha gu mearachd-
ach air a teagasg, oir an deigh sin fhuair mi fios
nach cualas riabh neach sam bith a’ labhairt gu
h-olc mu thimchioll mo mhath, agus uaithe so
dh’ ionnsaich mi fios cinnteach a thoirt do mo
chogais mu’n eisdinn ri achmhasan uaithe.
Anns an dara h-dite. Air dhomh mo chridhe
mhin-sgrudadh, chunnaic mi nach robh a
mhi-onair a dh’fhaodadh slighe Dhe fhulang
a’ cuir urrad de champar orm ris a’ mhi-chliu a
thuiteadh air m’ainm fein, thug so orm a radh
maille ri lonah,—“ Is fearr dhomh a bhi marbh
na bed.” O! ciod an cliu agus am buidheachas
a bhuineas do’n Tighearna nach do cheadaich
dhomh crioch a chur air mo bheatha fein,
’nuair a shruth m’uile thrioblaidean o’n bhun
thruaillidh ardain so.
Anns an treas dite. Bha’n t-uabhar diamh-
air a bha roimhe so ’g oibreachadh annam a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence