Skip to main content

‹‹‹ prev (131) Page 119Page 119

(133) next ››› Page 121Page 121

(132) Page 120 -
120
BEATHA AGUS IOMPACHADH
CAIB. V.
A nns am beil cunntas ni’s faide air a chur sios m’u
dheighinn mo chleachdaidhean o mhios a Mhairt
1743, gu mios meadhonach a Fhoghair an deigh
iin.
Chuir mi air leth an se-amh latha thar
fhichead de’n Mhiiigh air son trasgaidh agus
irioslachaidh an uaigneas an lathairDhgairson
mo ghiulain mi-iomchaidh o ’nuair a dh’fhuasg-
ail e mo cheanglaichean, agus mar an ceudna
chionn gu’n robh a run orm dol do Ghlascho
gu silcramaid Suipeir an Tighearna. Thug an
Tighearna dhomh sealladh air mo pheacannan
agus air dhomh a bhi ann an cuid air m’irios-
lachadh chuir mi romham cur na’n aghaidh air
son an ama ri teachd. Mheal mi moran de’n-
lathaireachd dhiadhaidh anns gach ni air an
latha ud; agus bha mo shuilean air a’m fosg-
ladh chum cuid de mo chbir air Criosd a leugh-
adh mar e bhi ’na eirig air son mo pheacannan.
Fhuair mi comhfhurtachd mhbr o na briath-
ran so, “ Cha’n urrainn neach air bith teachd
am’ ionnsaidhsa mar a tarrainn an t-Athair a
chuir uaithe mis e.” Thaisbean an Tighearna
dhomhsa gu’n tainig mi dh’ionnsaidh Chriosd,
agus sin le aoibhneas tarrainn an Spioraid
Naoimhe. Chaidh mi do Ghlascho, mar chur

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence