Skip to main content

‹‹‹ prev (130) Page 118Page 118

(132) next ››› Page 120Page 120

(131) Page 119 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
119
deallrach mu thimchioll mo ghluasaid fein
anus an km a chaidh seachad, agus thug e
orm a’ chuibhrionn de ’n fhacal leis na dhuisg
e mi air tiis agus leis an robh mi air mo
chomhfhurtachadh a’ thoirt fainear. B’ann
leis an fhacal a bha mi air mo thoirt gu ruith
gu togarrach, suilbhear, ann an slighe aintean.
B’ann leis an fhacal a bha mi air mo threbr-
achadh gu imeachd am feadh a bha mi dall,
agus leis an robh neoil an dorchadais air an
sgaoileadh o m’inntinn air dbigh is gu’n do
dheallraich an solus a dh’ionnsaidh m’anma;
mhothaich mi gathan taitneach “ grian nam
fireantachd,” a blathachadh mo riiintean.
Bha mi air mo smachdachadh leis an fhacal
air son nam peacannan so nach faca neach sam
bith ach Dia a rannsaicheas an cridhe.
Dhearbh an Tighearna dhomh diadh-
achd agus ughdarras an fhacail le Spiorad
Naomha f&n a’ togail fianais maille ri mo
spioradsa. “An t\ a chreideas ann am Mac
Dhe, tha’n fhianais aig ann fein.” (1 Eoin v.
10.) “ Tha ’n sgriobtur uile air a dheach-
adh le Spiorad Dh6, agus tha e tarbhach a’
chum teagaisg, chum spreige, chum leasaich-
idh, chum oilein ann am fireantachd: chum
gu’m bi bglach Dh6 coimhlionta lan-deas chum
gach uile dheagh oibre.” 2 Tim. iii. 16, 17.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence