Skip to main content

‹‹‹ prev (96) Page 84Page 84

(98) next ››› Page 86Page 86

(97) Page 85 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
85
a teicheadh a dh’ionnsaidh a’ bhaile dhiona.
A measg nithibh eile thug e fainear, “ Mas
a duine thu tha teicheadh a dh’ionnsaidh a’
bhaile dhiona ni ’n diabhol a dhicheall a chum
maille chuir air do thuras, le innse dhut nach
eil thu air do thaghadh, agus nach ruig thu leas
a bhi ruith a chionn gu’m bi sin ’na ni diamhain.
Ach abair thusa ris nach eil fhios aige co tha
air an taghadh, no co nach eil, agus nach
d’fhuair e riabh comas leabhar beatha an Uain
a leughadh.”
“ Ach cha’n fhoghainn sin leis, innsidh e
dhut gu’n do bhuanaich thu ro fhada ann ad
pheacannan gu’m beil latha nan gras air dol
seachad cheana, agus uime sin gu’m beil e ro
anmoch dhutsa ruith. Ach abair thusa ris,
gur e gnothach dhorsan a’ bhaile-dhiona gun
iad a bhi duinte a latha no dh’bidhche
chum is ge be air bith am a thig fear-marbh-
aidh nan daoine gu’m faigh e na dorsan fosg-
ailte. A rithist, their e riut nach eil thu
tearuinnte an deighe dhut a dhol a stigh do’n
bhaile, agus gu’m faigh fear diolaidh na fala
greim ort uair, no uairigin ; ach abair thusa
ris, gu’m bed coir fhir-marbhaidh nan daoine
air a’ toirt suas do na leibhitich agus do na
sagartaibh agus gu’m faod e a leughadh gu
saor an uair a ruigeas e ’m baile, agus nach
eil a chbir agus uras ni's lugha no gealladh
neo-atharraichte Dhe nach urrainn breug a
i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence