Skip to main content

‹‹‹ prev (95) Page 83Page 83

(97) next ››› Page 85Page 85

(96) Page 84 -
84
BEATHA AGUS IOMPACHADH
cromadh e a cheann mar luachair?” Isa
Iviii. 5.
Air an ath latha chaidh mi do’n Mhaoil far
na thachair mi ri Criosdaidhean tuigseach agus
bha an cuideachd gle thaitneach leam oir cha
robh aon neach aig mo dhachaigh fein, a thuig-
eadh mo chor, f'huair mi beagan comhfhurtachd
o’n conaltradh agus o na freagraidhean a
thug iad dhomh, ach fathast bha m’anam ann
an trioblaid agus bha eagal orm comh-pairt-
eachadh de ’n brdugh a chionn gu’n mhothaich
mi as-creideamh mo chridhe bhi cho ro mhor,
agus cha b’urrainn mi urrad as aon fhianais
air creideamh no grhdh fhaotainn, no gras air
bith eile, agus dh’amhairc mo shean bhuairidh-
ean orm anns an aodainn.
Air an ath mhadainn Sabaid shearmonaich
Mr. Hally an t-searmoin chomonachaidh o’n
sgriobturso; “ Gu’mbiodh againne comhfhurt¬
achd laidir, a theich a chum dideinn gu greim
a dheanamh air an dbchas a chuireadh romh-
ainn.” (Eabh. vi. 18.) Feadh a bha e a
liubhairt na searmoine so bha mi fo thrioblaid
mhoir, agus a’sileadh nan deur, oir bha diamh-
aireachdmo chridhe airamfoillseachadhdhomh.
Bha e gu mor air a chuideachadh a chum
labhairt dhachaigh a dh’ionnsaidh cridheachan
a luchd-6isdeachd; agus thog e bharr an
rathaid iomadh ceap-tuislidh bu ghna le Sedan
a thilgeadh ann an slighe na h-aiteam a bhiodh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence