Skip to main content

‹‹‹ prev (97) Page 85Page 85

(99) next ››› Page 87Page 87

(98) Page 86 -
80
BEATHA AGCS IOMPACHADH
dlieanamh ; air chor is ma ruigeas an duine
am baile-diona tha e tearuinnte ni's lebir.”
Ged a bha m’uile theagamhan mar so air
am freagradh, gidheadh, cha robh do mhis-
neach agam na rachadh air m’ aghaidji gu
bbrd an Tighearna, chunnaic mi gu’n robh
cuireadh an fhacail agam o’n taobh mach, ach
nach robh gairm sam bith agam o’n taobh
steach gu dhol air m’aghaidh, mar sin chaidh
mi dh’&sdeachd searmoin aig a’ phailiunn far
an cuala mi Mr. Mac-Aoidh a’ labhairt nam
briathran so ris a’ cho-thional. “ Cia be air
bith n’ar measg a tha toileach gabhail ri
losa Criosd ’na uile dhreuchdan, se bheatha
tighinn gu bbrd an Tighearn an duigh.”
’Nuair chuala mi sin air learn gu’n robh mo
chridhe air a tharrainn a mach an deigh
Chriosd ’na uile dhreuchan, agus gu’n robh
ni toileach a ghabhail mar righ a riaghladh
tharum cho math is ri sagart a chum mo
shabhaladh. An sin thuirt mi maille ris a
mhac strbghail. “ Eiridh mi agus theid mi a
dh’ionnsaidh m’ athar.”
Ach cha bu luaithe dh’ eirich mi chum dol
do’n eaglais na bha Satan aig mo Ihimh dheis
a chum mo bhacadh ag radh, “ Nach eil peac-
adh gu leoir agad cheana air do dhruim agus
an t&d thu an sin mar an ceudna.” An sin
thuirt raise, “ O ! cha t4id, cha teid mis’ ann.”
Air an aobhar sin rinn mi suidhe sios far an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence