Skip to main content

‹‹‹ prev (89) Page 77Page 77

(91) next ››› Page 79Page 79

(90) Page 78 -
78
BFATHA AGUS IOMPACHADH
Thuirt mi-rium-f6in, Anaim bhochd! “An
urrainn do chridhe fulang, no’n urrainn do
I&mhan a bhi laidir anns na lathaibh anns am
buin mise riut ? Mise lehobhah a labhair agus
ni mi.” (Esec. xxii. 14.) Chiim mi an Sgriob-
tur so rium fein agus chunnaic mi nach b’urr-
ainn mo chridhe gach ni dhiu sud f hulang ach
gu’n robh an t-am a’ tighinn ann an treigeadh
mo chridhe mi aig am na feirge ri teachd.
Bha Satan ga mo bhrosnachadh gu tuille peac-
aidh a’ chuir an gniomh agus gu’n deanainn
an sin caoidh cheart as an leth ; ach le buaidh
cruas a pheacaidh a thoirt fainear sheachainn
mi am buaireadh sin.
’Nuair a dh’fhailinn aon mheadhon smaoin
tich mi air meadhon eile; shaoil mi na’m
faighinn bothan ann am fhsach an sin gu’n
cbmhnaichinn am aonar agus gu’n traisginn
gach treas latha gus an nochdadh an Tighearna
trocair dhomh; ach so ni nach b’urrainn mi
fhaotainn. An sin smaointich mi fa-dheoigh
am b’urrainn “ mo chridhe dol an ea-dbchas
mu’n uile shaothair a shaothraich mi fo’n
ghrein.” Eccl. ii. 20.
An deigh do’n Tighearna fhulang dhomh
mi f4in a sgitheachadh ann am mbralachd mo
shlighe dh’fhoillsich e losa Criosd dhomh,
Ti a chunnaic mi a bha anns na h-uile doigh
freagarrach air son m’anma, ach gu’n robh mise
air gach doigh neo-fhreagarrach air a shonsa;
f6s air dhomh dul a thoirt nach b’urrainn mi-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence