Skip to main content

‹‹‹ prev (90) Page 78Page 78

(92) next ››› Page 80Page 80

(91) Page 79 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
79
fein a dheanamh ni bu fhreagarraich air a
shon thug mi oidheirp air m’anam a thilgeadh
air mar pheacach bochd, truagh, dall, agus
lomnochd, gun aon ni math annam fein a chum
mo dheanainh luachmhor ’na shealladh. Air
a mhodh so fhuair mi dol a mach m’anama ’g
iarraidh g’a ionnsaidh, fhuair mi mar an
ceudna grhdh a’ lasadh ann am chridhe dha.
Bha agam a’ nise beagan sithe ann am inn-
tinn ni nach robh agam riabh roimhe, gidheadh
bha mi do ghna a’ feitheamh ris na nithe matha
a bha gu bhi air an oibreachadh annam mu’m
b’urrainn mi suaimhneas a ghabhail uaithe.
Beagan laithean an deigh so thachair mi ri
bana Chriosdaidh agus leig mi ris d’ i cor
rn’inntinn. Dh’iarr i orm mi-f&n a chumail
ri gealladh saor agus iomlan a’ chumhnanta
nuaidh. Thuirt mise nach b’urrainn mi a’
chionn nach robh ni math air bith annam a
chum m’fhhgail fiughail. Thuirt ise an sin,
nach robh Dia riabh ag amharc air son fiughal-
achd sam bith anns a’ chreutair, gur ann air
sgath Chriosd a mhain a rachadh gabhail rinn,
agus nach b’ann air ar son fdin, agus gu’n robh
tairgse nan gras uile shaor do gach neach.”
“ Agus an neach air am beil tart thigeadh e
agus gabhadh e uisge na beatha gu saor.”
(Tais. xxii. 17-) Ach thuirt mise, gu’n robh
togradh agus tart air iarraidh anns an tairgse
sin, ni nach b’urrainn mis fhaotainn annam fein,
agus uime sin cia mar a b’urrainn mi tighinn ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence