Skip to main content

‹‹‹ prev (88) Page 76Page 76

(90) next ››› Page 78Page 78

(89) Page 77 -
DHTTGHAILI, BOCHANNAIN.
77
rithist gu’n cuirinn an c6ill mar rinn mi dimeas
air saibhreas a mhathais agus fhadfhul-
angas do’m thaobh—agus mar rinn mi tair’ air
meadhonan nan gras—agus campar a chuir air
a Spiorad Naomha, agus a chuir mi na aghaidh,
agus an sin gu’n gairmainn air gach naomh
agus aingeal a chum is gu’n abradh iad gu’m
bu cheart a bhinn a thugadh a mach ann am
aghaidh. Shaoil mi gu’m be so an aon doigh
anns am b’urrainn mi Dia a ghlbrachadh.
Mhothaich mi m’uabhas a’ teicheadh air falbh
agus leisg anma air tighinn na aite. Cha b’urr¬
ainn mi smaointeach air tighinn le laimh fhal-
aimh a dh’ionnsaidh Chriosd, gun a bhi air tus
air m’irisleachd agus air mo bhrudhadh air
son mo pheacaidh ; agus gus am faighinn an ni
sin annam fein cha b’urrainn mi comh-fhurt-
achd f haotainn bho aon ghealladh sa’ Bhioball.
Sgriobh mi an sin Leabhar-cuimhne air mo
pheacannan agus leugh mi an aireamh gach
aon mhadainn, ach, gidheadh, cha d’rinn sin an
driighadh bu lugha air m’inntinn. An sin
rannsaich mi mach air son nan uile bhag-
raidhean a bha air an labhairt an aghaidh
leithid mo pheacannan-sa, agus leugh mi iad
so mar an ceudna na h-uile mhadainn, ach bha
iad mar an ceudna gun eifeachd sam bith do’m
chridhe. Mhothaich mi’n sin mi-fein a’ fas
diombach air gach ministear a chuala mi a’
searmonachadh a chionn nach do shearmonaich
iad ni b’uabhasaich na bha iad a’ deanamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence