Skip to main content

‹‹‹ prev (47) Page 45Page 45

(49) next ››› Page 47Page 47

(48) Page 46 -
46
clia'n 'eil an ni a tha iad a' labhairt bho'n f hocal air
a labhairt ann an àm, no nam nrinnibh beò anns na
h-amannaibh so, 's am bheil an fhirinn air a h-aich-
eadh, mar a ta i anns na h-amannaibh so anns na
thuit ar crannchuir-ne.
A nis, a phobull Dè\, tha so agam ri innse dhuibh,
agus an sin sguiridh mi, gu bheil lathachan co glòr-
mhor gu theachd fathast air Albainn 's a thainig
riamh oirre, agus bithidh clànn nam braighdeanach
a bha air an gèur-leanmhuinn, 'n an toiseach Eaglais
ghlormhoir fathast an Albainn, agus bithidh iad co
èudmhor air son firinnean Dhè a ta air an cuir suarr-
ach, 's ma's e 's gu'n còmhluich iad na ministeirean
so a bhrath obair Dhè, gu'm bì iad ullamh gu'n
clachadh : agus bithidh sin air a choilionadh, Sechar.
xiii. 4, " Ni mo chuireas iad umpa falluinge mollach
gu mealladh," mar a tha iad a' deanamh an Albainn,
agus anns na tìribh so uile. Agus a nis, gu'm
beannaich an Tighearna fèin na nithe so dhuibh,
agus gu'n dean e seasmhach sibh, a chum 's nach bì
sibh air 'ur 'n ioman air falbh le cùl-sleamhnachadh
nan amanna, agus nam ministeirean so a tha striochd-
adh do'n tim, a chuir cùl ri slighe an Tighearna,
coslach ri Demas a ghràdhaich an saoghal a ta'n
làthair.
A nis gun toir an Tighearna fèin sibh gus na nithe
so a thoirt fainear agus gu'n suidhich e beachd ceart
umpa ann 'ur cridhibh, chum gu'm bì sibh caithris-
each agus daingean gu lath' a theachd.
A nis do'n Tighearn, a ta comasach air 'ur cum-
ail bho thuiteam, gu robh cliù gu sìorruidh.
Amen.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence