Skip to main content

‹‹‹ prev (48) Page 46Page 46

(50) next ››› Page 48Page 48

(49) Page 47 -
47
Litir le Mr A. Peden, chum nam Priosanach ann
an Caisteal Dhunottar, an seachdamh mios,
1685 ; bha ann diubh so còrr is 160 firionnach,
agus 46 boirionnach, a bh'air an carnadh ann aon
bhòghta.
~SLo Chàirdean gràdhach,
Tha fadachd orin cluinntinn
cionnus a tha sibh a' caitheamh 'ur n ùine_, agus
cionnus a tha gràs Dè a' fàs ann 'ur cridheachaibh.
A thaobh na deuchainn theinntich so, tha f hios agam
gu'n ghabh sibhse agus buidhean eile do phobull an
Tighearna mar chleachdadh a bhi gearan air Criosd ;
ach tha mi a' toirt dùlan duibh aon droch f hocal a'
labhairt uime, mar toir sibh ana-cothrom dha ;
labhraibh na 's urrainn duibh, agus na caomhnaibh ;
ach a mhàin ghuidhinn oirbh 'ur comhradh mu
Chriosd a bhi freagarrach ri bhur fèin-fhiosrachadh
mu thimchioll ; ma tha sibh a' saoilsinn gu bheil
tigh Chriosd anniseach, aimbeartach agus ni's ana-
cothromaiche na bha sibh ag earbsa, bithibhse cinn-
teach gur e tha rùn air Criosd tràthan feumail a
thoirt duibh, agus ni h-e bhur cur gu bàs leis a' ghort ;
is aithne dha ar fear-riaghlaidh-ne c'uin is coir dha
caitheamh agus c'uin is coir dha caomhnadh ; is
math is aithne do Chriosd, co dhiubh is e barrach no
strachdach is feàrr a fhreagarras do ar soithichibh
cumhang-ne, oir tha iad araon coimh-ionann dhasan ;
cha dean caomhnadh beartach e, agus cha dean
caitheamh bochd e ; tha e a' meas gur olc an cillein
ni sam bith a chumar bho phobull. Tha gràs agus
glòir a' teachd à làimh bhuaidheil Chriosd. Cha'n
'eil ar soithichean-ne ach breòite, agus cha mhòr a
chumas iad ; 's ann an uair a tha 'lànachd-san a
dh'easbhuidh comuis sgaoilidh is mò tha i air a sàr-
uchadh. Is taitneach le Criosd a bhi air a chumail
bitheanta ann an roinn lànachd tigh 'Athar, air a
chàirdibh bochd ; cha'n 'eil tlachd aisre ann a bhi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence