Skip to main content

‹‹‹ prev (46) Page 44Page 44

(48) next ››› Page 46Page 46

(47) Page 45 -
45
A nis, a chàirdean, mar thuirt mi ribh cheana,
rna's àill leibh a leantuinn anns an osag dhoinionnach
so, bithibh iriosal agus gu mòr air 'ur 'n aicheadh
dhuibh fe'in ; cha lngha na leagadh a leighiseas fear-
aideachaidh àrdanach. A chairdean, thugaibh an
aire ciod a tha sibh a' deanamh ; oir is àm neonach
anns am bheil sinne beo ; is cruaidh an ni cumail
treibhdhireach do Dhia, (ann a bhi labhairt mar sin),
an dràsd 'nuair a tha e mar gu'm b'eadh, a' siubhal
sìos agus suas air feadh iomadh Siorrachd an Albainn,
agus ag ràdh ris an fhear so agus ris an te ud, rach
agus sèulaich m' f hirinn-sa le t' f huil, Cha mhòr a thug
e fathast gu stòil-chasgairt a Siorrachd Ghallobha^
no Charric gu fianuis a thoirt air a shon. Tha mi
saoilsinn gu'in bu choir dhuinne bhi air ar meas
maille ris a chuid eile do'n rioghachd, agus gidheadh
cha'n 'eil fhios agaibh ciod a tha gu tighinn. Guidh-
eam oirbh, ma thig e dh'iarraidh air neach air bith
agaibh fìanuis a thoirt air a thaobh na aicheadhaibh
e, oir cha d'aicheadh esan a h-aon agaibhs' a tha
do'n taghadh, 'nuair a bha sibh anns a' chunnart
mhòr.
A nis, a chàirdean, fagam na firinnean so aig gach
aon agaibh ; oir cha dàna leam air chunnart m' anma,
a bhi miodal ribh, gu'n fhios agam ciafhada, gus am
bì sibh fe'in agus mise air ar gairm an làthair cathair
breitheanais Dhè. CJime sin^ sparram oirbh gun dol
ann an comh-bhoinn ri h-aon do na ministeiribh
tuarasdail so a tha strìochdadh do'n tim, na ris na
h-uachdranan mallaichte sin d'am bheil iadsan a'
geilleadh, oir lèir sgriosaidh e iad. Guidheam oirbh
an deadh aire thoirt, 'nuair a ta co lugha mearrachd
a' dol feadh na tìre ; gleachdaibh ri Dia gu bhur
cumail dìreach agus seasmhach, a cumail dlù ann 'ur
breithneachadh, agus ann 'ur cridhibh ri cùmhnant-
aibh an ath-leasachaidh ; agus a thaobh nam mi-
nisteirean a ghabh ris an droch shaorsainn so, ged
a tha iad a' searmonachadh cuid a dh'fhirinnean,
gidheadh 'cha'n eil spiorad an Tighearn a' leantuinn
le beannachd an ni a tha iad a' searmonachadh, oir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence