Skip to main content

‹‹‹ prev (45) Page 43Page 43

(47) next ››› Page 45Page 45

(46) Page 44 -
44
Nehemiali maille ris na braighdibh ann am Babilon,
gu'n robh iad a' dol air an ais agus air an adhairt
eadar Ierusalem agus Babilon 'n an dithisibh agus
'n an triuiribh, le cridhidh tròm, dubhach air son
Eaglais Dhè ; chòmhluich an duiue còr ri fear na
dithis dhuibh air maduinn àraid, agus 'nuair a
dh'innis iad dha mu fhàsalachd I erusaleim, agus
an ionaid anns an robh an aithrichean a' moladh
Dhè; agus mar bhriseadh ballachan a' bhaile sin
sios^ agus a loisgeadh a gheatacha le teine, agus a
bha àm fuigheall do phobull an Tighearn ann an
àmhghar mòr agus ann am mì-chliù; chuir sin e gu
mòr mhì shuaimhneas, agus cha d'ith agus cha d'òl
e laithean àraid, faic, Nehemiah i. 3, 4.
A chàirdean, bha àireamh mhòr a chaidh a
mach as an Eiphit maille ris an Eaglais ; lean
siuagh measgt' iad gus a Mhuir Ruadh. C'arson
a rinn iad sin? Rinn do bhrìgh gu'm fac iad
iomadh miorbhuil anns an Eiphit, ach cha deach-
aidh iad thar lordan, thuit iad 's an fhàsach, agus
bhàsaich iad air son am peacanna : Cha robh an
cridheachan ceart maille ri Dia, mar thachair do
mhòran anns a ghinealach so. Thèid mis an
urras dhuibh gu'n robh dòmhlas mòr do mhin-
isteiribh agus do luchd-aideachaidh aig Criosd an
Albainn bho chionn deich bliadhna fichead no da
fhichead bliadhna, 'nuair a bha'n latha fèathail ;
ach 'nuair a thòisich an stòirm ri seideadh, thàinig
iad gu bhi glè thearc : Dh'fhàg na ministeirean e,
agus theich iad gu fasgadh na droch shaorsainn,
fo sgiathaibh an nàimhdean, agus lean mòran
luchd-aid,eachaidh iadsan air son sòcair agus air
son an spèis a bh' aca do 'm broinn agus do'n
druim. Ach feithibhse tamull beag, a phobuil Dè,
agus bheir Dia garbh-dhusgadh dhoibh gu h-
aithghearr. Ach tha eagal orm 'nuair a thig Dia a'
ghairm ròla na h-Alba_, gu'm faigh e iomadh bearn
ann, iomadh ministeir agus fear-aideachaidh marbh,
daoine agus mnathan marbh, ged robh iad aig
imeachd air an cosaibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence