Skip to main content

‹‹‹ prev (29) Page 27Page 27

(31) next ››› Page 29Page 29

(30) Page 28 -
28
fèille, do dhoilghios air bhur cridhibh na uile
àmhgharan Eaglais Dhè an Albainn. Uime sin ma
ta, anain bhochd a tha rùnachadh a leantuinn,
bì g ùrnuigh gu dian ; oir ged nach biodh ann ach
a h-aon agaibh. 's e 'n Tighearna fèin an dava h-aon ;
ged nach biodh ann ach dithis agaibh^ 's e fèin an
treas aon. Cha ruig sibh a leas eagal a bhi oirbh,
gu'm bì sibh 'n ar; n-aonar bithidh ar Tighearna
fèin 'n a chuideachd dhuibh ; irioslaichidh se e fèin
dhuibh co iosal 's is àill leibh; seadh, bithidh e mar
sin dhuits' a tha rùnachadh a leantuinn anns an
osag dhoinionnach so, a tha seideadh an diugh air
Eaglais bhochd-san an Albainn.
Ach tha cuid dhibh a thàinig an so an diugh, a
ruitheas an ath là, 'nuair nachf haigh sibh cionneamh
do'n ghnè so, a dh' ionnsuidh bhur luchd-tuarasdaii
a rithist. A chàirdean, thugaibh an aire, na dean-
aibh fanoid air Dia ; treòraichidh na ministeirean so,
a ghabh ris an t-saorsa pheacach, sibh air falbh bho
Chriosd co math ris na sagartaibh. O an tarruing
shuarrach a tha'n Eaglais a' faotuinn bho mòran do
na ministeiribh an Albainn ann ar latha-ne. Bho
chionn sè bliadhna deug thar fhichead, bhaàireamh
mhòr do mhinisteiiibh agus do luchd-aidmheil aig
ar Tighearn an Albainn ; ach sheid aon osag sè ceud
do ar ministeiribh uaithe còmhladh ; agus cha do
phill iad riamh tuille air an ais dha ionnsuidh ;
seadh, lean iomadh Morair, iomadh Tighearn, agus
iomadh Bain-tighearn, e an tràth sin ; ach sheid
gaoith na doinionn riomhachas nam Bain-tighearnan
araon 'n an sùilibli agus 'n an cluasaibh, ni a dh'-
fhag iad araon dàll, bodhar, agus cha bu lèir dhoibh
Criosd a' leantuinn, na 'ghuth taitneach a chluinn-
tinn riamh uaithe sin. Chaidh an t-iomlan do na
Morairean, do na Tighearnan^ agus do na Bain-
tighearnan a sheideadh thar a sgeir. Mo thruaighe !
air son cùl-sleamhnachaidh Mhorairean, uaislean,
mhinisteirean, agus luchd-aideachaidh na h-Alba;
ruithidh Albainn gu h-aithghearr 'n a sruthanan
fola ; seadh, bithidh mòran do dh'fhuil nan naomh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence