Skip to main content

‹‹‹ prev (28) Page 26Page 26

(30) next ››› Page 28Page 28

(29) Page 27 -
27
«agallach aig Dia gu cuir dhachaidh air 'ur cog-
uisibh nach urrainn sibh a f hreagairt : Air mo
shon fèin, ar leam, gur sonadh iadsan aig am
bheil an suilean air an dùnadh, agus nach fhaic an
t-olc a tha teachd air na trì Rioghachdaibh so — 'S
gànn a gheibhear anns a' Bhiobull, focal De', coim-
eas da ; ni mò is urrainn a ghiuealach roimhe so, no
ghinealach a th' ann an diugh, sàmhladh ar peac-
aidhean a ghleidheadh ; uirae sin, gabhaibh na nithe
so gu cridhe. Tha na h-Eaglaisean ann an tìribh
ce'in a' fanoid oirnne an diugh ; uime sin, fàgaidh
mi na nithe so agaibh, agus gu'm beannaich an
Tighearn iad dhuibh ; oir tha eagal orm gu'm bì
gnothaich againn uile ris, mu'n tèid an stòirm thairis,
ris an còmhluich sinne gu cinnteach anns na tìribh
so. Deanainaid ùrnuigh.
SEARMON II.
" Ach bha dùil againne gum b' esan an Tì a bha'gu Israel a aha-
oradh." — Lucas xxiv. 21.
A chairdean, c'àit am bheil Eaglais Dhè an
Albainn an diugh ? Cha'n ann am measg nam
ministeirean mòr a tha i. Innsidh mise dhuibh
c'ait am bheil Eaglais Dhè ; ge b'e àit am bheii
duine no bean ag ùrnuigh ri taobh dìg an Albainn,
's ann an sin a tha'n Eaglais. Cuiridh luchd na h-
ùrnuigh as dhoibh fathast. Theid luchd na h-
ùrnuigh troimh na stòirm. Ach cha'n aithne do
dh' iomadh agaibhs' anns an dùthaich so na nithe
so Cha'n 'eil àmhghair Eaglais ioma-ruagta Dhè
ann an Albainn a' cur trioblaid air bith oirbhse. Is
mo chuireas càll bò, àinmhidh no dhà, no droch là

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence