Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 28Page 28

(32) next ››› Page 30Page 30

(31) Page 29 -
29
air a dortadh innte,, gu h-aithghearr ; ach bithidh
fuil nan naorah fathasd 'n a siol do dh' Eaglais
ghlòrmhoir an Albainn. O ! a chairdean, ciod a tha
sibh a' deanamh 's an duthaich so ? Thug luchd-
leanmhuinn Chriosd ann an Srath-chluaidh ud thàll
ionnsuidh chiatach air taobh Dhè, agus thug iad
fianuis làidir, loisg iad reachdan agus achdan na
parlamaid mhallaichte. Bha bàntrach bhochd mhna
anns an dùthaich sin, 'nuair a thàinig mise troimpe,
a b'fhiu mòran agaibh-sa, chaidh fhaighneachd
rithe, cionnus a bha i anns an aimsir olc so '? " Tha
fìor mhath, (ars' ise) tha mi faotuinn ni's mo dh'-
fheum 'san àm so do aon earrainn do'n Bhiobull, na
bha mi faotuinn ann uile roimhe so : thilg e iuch-
raichean na cuile do m' ionnsuidh, ag iarraidh orm
mo shàth a' ghabhail." Nach bu Bhana-Chriosd-
aidh i sin da rìreadh ? O ! a chairdean, b'fhearr
leam gu'n d' thugadh sibh an aire ciod a tha sibh a'
deanarnh, 'nuair a tha fuil nan naomh a' sruthadh
co pailt.
A nis, a chairdean, 's e so an ni do'm bu mhath
leam sibh an aire ghabhail agus a thoirt dhach-
aidh leibh, eadhon, gur e'n còmhnuidh a bhean
no'n duine sin dha'n d'rinn Dia math tearnaidh a
leanas e ann an stòirm. 'S aithne dhuibh, a pho-
bull Dè, am Muire Mhagdalen mu'm bheilear a'
labhairt anns a chaibdeil so, gu'n chuir e legion do
dheamhnaibh a mach aiste ann an aon mliaduinn :
agus ar leam nach do dhì-chuimhnich i an gnìomh
math sin, gus an d'rainig i glòir. An saoil sibh
nach robh a cridhe goirt a mhaduinn sin a dh'-
ionndrainn i e, agus a fhuair i 'n uaigh folamh.
O ciod a shaoileadh sibh nam faiceadh sibh am
boirionnach bochd so a' ruith troimh na cuid-
eachdan shaighdearan ? Ach cha b'e sin an ni a
bha cuir triobìaid oirre ; ni mo a b'e am freiceadan
Romanach a bha mu'n cuairt do'n uaigh, no a
chloich thròm a bha air a beul, no a bhinn bhàis
a thugadh an aghaidh neach air bith a bheanadh
rithe ; cha b'e, cha b'e^ a chàirdean^, tha gràdh do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence