Skip to main content

‹‹‹ prev (18) Page 16Page 16

(20) next ››› Page 18Page 18

(19) Page 17 -
17
sibh air caithrichibh, agus bheir sibh breith maille
ris-san, 'nuair a bheir ebreithair an Righfhuilteach,
air a' chomhairle agus air a' pharlamaid fhuilteach,
air Diuc Yorc fuilteach, air ar maithibh, agus air
ar 'n uaislibh aindiadhaidh mi-naomha, agus air
ministeiribh gun ghràs na h-Alba, a tha gu h-
iomlan air an dath le fuil nan naomh. O ! tha mo
chridhe ag criothnachadh an taobh a stigh dhiom
ann a bhi smuaineachadh ciod a tha gu teachd air
ministeiribh cùi-sleamhnach, mort-anama na 'h-
Alba : Cloinn nan naomh a bhios beò an deigh na
daorsadh anns na laithibh a tha ri teachd, bithidh
iad ullamh gu leithid sin a mhinisteirean a chòmh-
lachdadh, agus an clachadh le clochaibh, mar chì
sibh ann an Sechariah, xiii. 4. " Cha mhair thu
beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an
Tighearn." — Uime sin, thugaibh an aire ciod a tha
sibh a' deanamh, oir tha lathachan co uamhasach
a' teachd 's a chunnacas riamh 's an tìr so, eadhon
annadsa, Albainn chùl-shleamhnach, air son do
mhionnan eithich agus do threigsinn air an Dia
bheò. Tha aobhar agaÌDn uile eagal a bhi oirnn
gu bheil e gu 'fhionn-lios a thoirt thairis do chinn-
each eile, do thuath ni's feàrr, a bheir a thoradh
dha ni's feàrr na tha sinne a' deanamh an Albainn.
Tha fhios agam, a phobull Dè, gu'm meas sibhse
so 'n a naigheachd chruaidh ; ach tha so agam ri
innse dhuibh, ged bhrosnuich sinn e gu 'choinnleir
atharrachadh as àite gu tìr eile, agus tha e bagairt
so a dheanamh rè tamuill ; gidheadh ged tha fearg
'n a ghnuis tha gràdh 'na chridhe, agus pillidh. e
riutsa, O Albainn, agus bithidh lathachan co glòr-
mhor anhadsa, O Albainn, 's a bha riamh anns t-
saoghal, a dh'aindeoin air uile eas-cairdibh, araon
Righ, Comhairle agus Parlamaid, agus Papanaich
mhì-naomh agus mhì-runach ; seadh, agus uile chul-
sleamhnachadh pobull Dè, cha chum se e air falbh
bho theachd a shealltuinn air a chàirdibh bochd a
th'air an gèur-leanmhuinn an Albainn.
6. Is muinntir mhàrbh sibhse tha dh'easbhuidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence