Skip to main content

‹‹‹ prev (19) Page 17Page 17

(21) next ››› Page 19Page 19

(20) Page 18 -
18
naomhachd cridhe, ged tha aideachadh agaibh, gidh-
eadh cha'n 'eil annaibh ach luchd-aidinheil eu-
trom macnusach, neo-chùramach mu chor nan
amannan: tha eagal orm gu bheil an diabhol am
mòran agaibh, a' goil ann an iodhalaibh agus ann
an ana-miannaibh 'ur cridhe. Uime sin, cha'n ur-
rainn na h-uile ministeir a th' anns an t-saoghal 'ur
cobhair, anns a chor so, 's e Criosd fèin a dh'fheumas
'ur cobhair mar a rinn e do Mhuire Magdalen ; oir
tha an diabhol ann am mòran agaibhse co cinnteach
's a bha e innte-san. Ach tha eagal orm gu'n d'fhàg
Criosd mòran agaibh agus gu'n do ghabh e a chead
do bhur cridhibh, agus gu bheil e coslach a nis nach
cronaich e sibh tuiile, gus an toir e air a chorruich
foisneachadh oirbh : Ach tha so agam ri ràdh, agus
euimhnichibh gun d'thubhairt mi e, sibhse tha
dh'easbhuidh naomhachd cridhe, theid an diabhol
do f hlaitheanas co luath ribhse ; co cinnteach 's a
tha Dia anns na flaitheanas, chì sibh gu bheil an ni
so thuirt mise ribh fior ; ach cha'n 'eil f hios agam
ciod a th' agam ri dheanamh 'n ar measg an diugh,
oir cha'n urrainn mi math air bith a dheanamh
'n ar measg ; tha e coslach gu bheil an soisgeul 'n a
leabhar air a shèulachadh do na chuid is mò do
luchd-aidmheil nan tìrean, agus na ginealaich so ;
Thug sibh uile mionnan eithich an toiseach ann an
aontachadh ri pàpanachd, agus ri dol a dh'eisdeachd
nan sagairtean mallaichte, an deigh dhuibh cùmh-
nant a dheanamh ri Dia agus mionnachadh dha,
agus sibh fein a cheangal ri obair ath-leasachaidh
a' chumhnaint sin, agus co fhad sa bhios sibh gun
bhròn a dheanamh air son a' pheacaidh sin mar air
son strìopachais, adhaltranais, mort no goid, cha
dean an soisgeul math dhuibh gu bràth ; guidheam
oirbh creidibh so, agus bithidh fios agaibh anns an
lù sin anns an toir Dia sibh fa chomhair a chàthair
bhreitheanais, gu'n chuir an Tighearna mise dh'-
innse so dhuibh; fàgaidh mi na nithe so agaibh.
Ach air 'ur son-san a tha fulang an Albainn, do'n
'drinn Dia ròghainn chum fianuis a thoirt air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence