Skip to main content

‹‹‹ prev (17) Page 15Page 15

(19) next ››› Page 17Page 17

(18) Page 16 -
16
againn ann an ùine aithgearr : Tha 'm Pàp a'
teachd air ais a dh'iarraidh a ghìll a dh'fhàg e
an Albainn bho chionn fhada., agus tha sibhse
a deanamh an deadh còhmhnadh ris' ; innseam
tuille dhuibh mu thimchioll, mar bith gu'n d'fhuair
an Tighearna trì no ceithir a dh' ìobairtibh do dh'
fhuil nan naoimh an Albainn,, bhitheamaid uile an
diugh a' cromadh sìos do stuic agus do chlach-
aibh, agus do dhubh iodhal-aodraidh. Thug fuil
nan naomh fianuis aig Pentland, aig Bothbhell,
agus aig Airs-moss, an aghaidh gach inbhe an
Albainn air son an cùl-sleamhnachaidh. Cha do
bhrist nàimhdean ar Tighearna pìnneadh, no dealg,
do dh'obair Dhe ; ach ruith fuil nan naoimh a
mach agus a steach troimhe, a' toirt fianuis an
aghaidh gach ionnsuidh neo-laghail a thug iad air
crùn Chriosd an Albainn, ni a tha cuir an ce'ill
deadh naigheachd dhuinne an diugh, agus do na
ginealaichibh a thig an deigh so : Co'pairtichidh na
ginealaichean a tha fathast ri èirigh do shoch-
araibh an fhuigheil bhochd a ta fulang an Alb-
ainn.
A nis, a sheanna mhuinntir, ciod a tha sibh a'
deanamh ? Tha eagal orm gu'n do chuir an stòirm
sibhs' a leth-taobh ; agus, a mhuinntir òga, ciod a
tha sibhs' a' deanamh ? A ghillean agus a nighe-
anan, an Albainn, an cuir sibh 'ur beatha agus 'ur
maoin ann an cunnart chum dùnadh ri Criosd ;
innsidh mi naigheachd dhuibh mu thimchioll nan
gillean agus nan nigheanan a lean e anns an osag
dhoinionnach so, agus a leig sìos am beatha air a
shon ; chì bhur sùilean iad air caithrichibh, agus
crùintean air an cìnn, agus iad air an sgeudachadh le
trusganaibh do ghlòir, le clarsaichibh agus le pailm-
ibh 'n an làmhaibh, mar dh'fheudas sibh fhaicinn
ann an Taisb. vii. 9. Sibhs' oigridh na duthcha so,
mà ghairmeas e sibh, agus ma bheir sibh an
ionnsuidh air a leantuinn anns an stòirm so, cum-
aibh dlù ris fèin agus r'a fhìrinn a th'air a gèur-
leanmhuinn an diugh an Albainn, suidhichidh e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence