Skip to main content

‹‹‹ prev (16) Page 14Page 14

(18) next ››› Page 16Page 16

(17) Page 15 -
lo
seain dhuibh ciod a dlieanadh e air ar son, threa-
bhadh e 'ur fearann, chuireadh e 'ur sìol, bhuain-
eadh e 'ur n-àrbhar, reiceadh e 'ur core, agus
bheireadh e dhachaidh 'ur n-airgiod: innseam dhuibh,
a chairdean, ciod a nì e air 'ur son ; ni e eadhon,
mar gu'in b'eadh, a chreathall a shiuthad, nam b'e
's gu'm biodh e feumail, air 'ur son : ma dhùnas
sibh ris air a thèirmibh fèin^ agus ma bheir sibh 'ur
cridheachan dha, islichidh se e fèin co iosal 's is
àill leibh.
4. Feumaidh sinn 'ur muinntir òg, gun ghràs,
agus 'ur seann mhuinntir mhì-naomha, a chur a
leth-taobh mar mhuinntir mhàrbh, tha sibh a' mì-
bhuileachadh 'ur n-aimsir anns 'm bu chòir dhuibh
seirbhis a dheanamh do Dhia : Tha sibh a' tional
cuideachd làn tighean, do ghillean agus do nigh-
eanan òga, a' dannsa agus a' leumnaich air feadh a
chèile ; le 'ur subhachais mhear mhì-naomha agus
'ur n-ana-miannan a' losgadh gu làidir an taobh
stigh dhibh, agus tha sibh a' smuaineachadh gu bheil
saòrsa agaibh gu sin a dheanamh : bithidh fearg
oirbh mu ghoireas mise adhaltranaichean no strìop-
aichean dhibh, ach measaidh Dia sibh mar sin : agus,
mar gabh sibh aithreachas, tha sibh gu cinnteach a'
deanamh seirbhis do'n diabhol ann 'ur n-ana-miann-
aibh, agus anns na rathaidibh peacach so. O,
a chairdean, an v àm so gu leithid sin a dh'obair 1
'nuair a tha Dia a' bagairt Albainn bhochd a chuir
fàs : B'fhearr dhuibh a bhi ri bròn agus a' glaodh-
aich ri Dia air son fasgadh 'n a leithid a dhoinionn
uamhasach agus a lathachan brònach 's tha e gu
thoirt mu'n cuairt air na tìribh so a threig
Dia, a chùl-sleamhnuich uaithe, agus a bhrist a
chùmhnant.
5. Is muinntir mharbh sibhse chaidh leis an
stoirm, a dh' aidich agus a cho'aontaich ri Criosd a
chuir air falbh à Albainn bhochd, le 'ur ceannaire
agus le 'ur n-ar-amach 'n a aghaidh : Ciod a tha sibh
a' deanamh ! Mar bac Dia e gu miòrbhuileach,
tha eagal orm gur e dubh phàpanachd a bhios

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence