Skip to main content

‹‹‹ prev (10) Page viiiPage viii

(12) next ››› Page xPage x

(11) Page ix -
iad do reachdaibh mallaichte nan uachdaranan ; ni
air son an d'thugadh air fein agus air a shliochd,
mar ainm, balg-straighlich an diabhoil. Bho àm
an Ath-leasachaidh, chasaid e ris a mhinisteir, nach
fhaigheadh e fèin agus a theaghlaich ach an t-ainm
ud. Thuirt am ministeir ris, " 's math a thoill sibh
e ; agus b' onorach an duine thug oirbh e ; agus feum-
aidh sibh giulan leis : cha ghabh e leigheas a nis.
An deigh mòran allaban bho àite gu àite, air
feadh Siorrachd Ara agus Ghallobha, air do àm a
bhàis a bhi tarruing dlù, thàinig e gu tigh a
bhràfhar, ann an Sòrn, a Sgìre dhùthchasach, far
an d'thug e orra uamh a chladhachadh, fo thaobh
preas seilich. Fhuair na nàimhdean forfhais mu
thimchioll, rànnsaich iad an tigh air a shon iomadh
uair, ach cha d'fhuair iad e. Am feadh a bha e
's an uamh dh'innis e d'a chàirdibh mu iomadh
breitheanas uabhasach a bha gu tighinn air Alb-
ainn. Mar an ceudna thug e so mar chomharradh
dhoibh, nam b'e 's nach rachadh esan adiilachadh
ach aon uair, gu'n an ni a thuirt e a chreidsinn,
ach nam b'e 's gu'n rachadh àdhlacadh ni bu trice
na aon uair, gu'm feudadh iad a bhi cinnteach gun
tàrladh na h-uile ni a thuirt e : agus dh'iarr e gu ro
dhùrachdach a chorp àdhlacadh làimh ri corp Mr
Richard Camshrom ann an Airs-moss, a chum 's
gu'm faigheadh e fois 'n a uaigh, a chionn 's nach
mòr a fhuair e rè a bheatha, ach, ars' esan, àdhlac-
aibh mi far an àill leibh, togaidh iad mi a rithist.
Beagan mu'n d' èug e, thuirt e, " Bithidh sibh
uile mi-thoilichte leis an àit an tèid m' àdhlacadh
mu dheireadh ; ach tha mi 'g àithneadh dhuibh na
togaibh mo chorp a rithist." Aon là, gle mhoch
's a' mhaduinn dh'fhàg e an uamh, agus thàinig e
gu tigh a bhràthar. Thuirt bean a bhrathar ris,
" C'àit am bheil sibh a' dol ! thig an tòir an so."
Ars' esan, " Tha fhios agam air sin." "Mo
thruaighe a Mhaighstir," ars' ise, " ciod an ni sibh ?
feumaidh sibh a dhol air 'ur 'n ais do'n uamh a
rithist." " Tha mi ullamh dh'i/' ars' esan, " oir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence