Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Page viiPage vii

(11) next ››› Page ixPage ix

(10) Page viii -
aca ach an t-ainm, ceusaidh iad Criosd, co cinn-
teach 's a chaidh a chèusadh gu corporra an taobh a
muigh do gheatachaibh Ierusaleim air Beinn Chal-
bhari, tha mi 'g ràdh, cèusaidh iad Criosd co cinn-
teach ri sin, 'n a aobhar agus 'n a ùghdarras ann an
Albainn ; agus cuiridh iad 'n a uaigh e, agus bheir
a chaìrdean, aodach-mairbh dha, agus luidhidh e
mar neach air adhlacadh rè ùine àraid : O ! lain,
's ann an sin a bhios an dorchadas agus na laithibh
gruamach, nach fhaca Eaglais bhochd na h-Alba
riamh an leithid, ni mò chì iad an leithid gu bràth,
aon uair's gu'm bi iad seachad; seadh lain, bithidh
iad co dorch, 's ged shiùbhladh crèutair bochd
bho'n fhairge an ear gus an fhairge an iar, a'
gleidheadh ministeir dh' an innseadh e a chor, no
a dh'fhoillsicheadh inntinn an Tighearna dha mu
thimchioll an àma sin, cha'n fhaigheadh e a h-aon."
Dh'fheòraich Iain dheth, c'àit am biodh an fhianuis
an trath sin ? " Bithidh," ars esan, " ann an làimh
àireamh thearc, a bhios air an dì-mheasachadh agus
air àn tàrchuiseachadh leis na h-uile, ach gu h-àraid
leis na ministeiribh sin a dh' adhlaic Criosd ; ach
an deigh sin èiridh e orra ; agus a mheud 's a bhios
beò, dhiubhsan a bh'aig adhlacadh, bithidh iad ann
an troimhe-cheile agus air a chaothach le eagal,
gun fhios aca ciod a nì iad, an uair a ghluaiseas e :
Bithidh lathachan maiseach ann an sin, Iaìn, lath-
achan nachfhaca Eaglais na h-Alba riamh an leithid :
cha'nfhaicmis'iad, ach dh'fheudtagu'mfaicthusiad."
Mu'n àm so, thachair dha bhi searmonachadh
anns na raointibh, ann an Sgìre Ghirbhan, agus
thàinig fear a bha'n tràth sin 'n a f hear-aideachaidh,
le cabhag, a' saltairt air an t-sluagh gu bhi dlùth
dha. Neach ris an d'thubhairt e, " Sin agaibh
bàlg-straighlich an diabhoil a' tighinn, cha'n 'eil
sinn 'g a iarraidh an so." An deigh sin thàinig am
fear so gu bhi 'n a mhaor agus na fhear-brathaidh
anns a chearnaidh sin, a' ruith air feadh na dùth-
cha, a' gleadhraich, agus a' gairm an t-sluaigh gu
am mòdan ain-diadhaidh air son nach aontaicheadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence