Skip to main content

‹‹‹ prev (8) Page viPage vi

(10) next ››› Page viiiPage viii

(9) Page vii -
leigeal do Dhuic Yorc, agus a dh'fhogras e as
na rioghachdan so. Agus cha suidh duine gu
bràth do'n fhineadh Stiùbhartach air Righ-chath-
air Bhreatuinn 'n a dheigh-san ; air son an neo-
gheamnuidheachd, an cealgaireachd, an ain-tigh-
earnas, agus na dhoirt iad do fhuil phrìseil nan
naomh. Ach mo thruaighe ! 's dubh, 's dubh,
na laithean a tha gu tighinn air Eirinn ! ionnas
gu'n siùbhlar dà fhichead mìle gun smùid tighe
fhaicinn no gairm coilich a chluinntinn." 'Nuair
a chrìochnaich e an t-searmon, rinn e fe'in agus
iadsan a bha maille ris, pràmhan cadail anns a
chata. Moch air an ath mhaduinn, chaidh e suas
ri taobh ùillt a bha'n sin, far an d'fhan e tamull
beag, cha'n 'eil, amharus a' beachd-smuaineachadh.
'Nuair a thàinig e air ais sheinn e Sailm 32, bho'n
7 rann gu crìch ; agus an sin dh'aithris e an 7 rann,
'Ta thusa t'ionad foluich dhomh,
Ni coimheadh orm bho thèinn;
Is nithear leat mo chuairteachadh
Le h-oran saorsa binn.
ag ràdh, ' ' is rànn thaitneach i so maille ris na ràinn
a leanas, a f huair mis' aig taobh an ùillt 's a mhad-
uinn an diugh ; gheibh mi tuille am maireach ;
agus mar sin gheibh mi lòn làthail. Cha robh
e riamh air dheireadh dha neach air bith a chuir
a dhòchas ann, agus theid sinn air ar 'n aghaidh
'n a neart-san, a' deanamh sgeul air 'fhheantachd,
'fhìreantachd-san a mhàin."
Anns a' bhliadhna 1685, bha e ann an Carric,
agus air da Iain Clàrc, ann am Blàr-an-t-sruthain a
bhi maille ris, thuirt e iìs, " A mhaighstir, ciod i
bhur barail mu'n àm so ? Nach cianal dorch an lù.
th'ann ? An urrainn là ni's mì-mhisneachail na so
a thighinn?" " Tha e mar sin Iain," ars esan,
ff is àm dorch mì-mhisneachail an t-àm so, ach
bithidh àm nis dùirche na so ann ; cuirear as do
na creutairibh amaideach aingidh so, na sagartan ;
agus eiridh buidhean 'n an deigh-san d'an goirear
Presbiterianaich, ach a chionn nach bì a bheag tuille

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence